Tha
Stòrlann Nàiseanta na
Gàidhlig
a’ cruthachadh agus a’ sgaoileadh
ghoireasan curraicealaim airson
Foghlam tron Ghàidhlig (GME), a’
toirt taic do Thràth-ìrean,
Bun-sgoiltean, Àrd-sgoiltean agus
pàrantan.
Tha na goireasan air an leasachadh
a rèir feumalachdan thidsearan is
luchd-ionnsachaidh, le taic bho
ùghdarrasan ionadail agus buidhnean
ionnsachaidh fad-bheatha.
Tha Stòrlann a’ solarachadh
ghoireasan gu barrachd air 63
bun-sgoil, 40 àrd-sgoil, 56
sgoil-àraich is buidhnean-cluiche,
agus an sgoil Ghàidhlig ùr ann an
Alba Nuadh.
Feuch an toir sibh sùil tro na
liostaichean againn airson blasad
fhaighinn de na goireasan seo.
Giuthas Sealbhach
Am biodh tusa cho treun ’s gun
dèanadh tu sabaid?
Nuair a bha baile Seònaid, a bha
12, ann an cunnart, chuir i roimhpe
rudeigin a dhèanamh.
Rinn i co-dhùnadh san spot a
dh’fhaodadh gach nì a thoirt
bhuaipe: a dachaigh, a teaghlach –
fiù ’s a beatha.
Am b’ urrainn Seònaid am baile a
shàbhaladh bho sgrios? Air neo an
rachadh an teaghlach ’s na caraidean
aice a chur às na dachaighean aca,
gun fhios dè bhiodh romhpa?
Cuspairean Sòisealta N4/N5
Tha grunn thiotalan N4/N5 againn
a-nis airson cuspairean
sòisealta.
A bharrachd air leabhar-teacsa
Leckie and Leckie airson
Cruinn-eòlas tha leabhraichean
Hodder againn airson eachdraidh agus
nuadh-eòlas.
Le Linn a’ Chogaidh Mhòir ’s
Malairt Atlantaigeach nan Tràillean
ann an eachdraidh ’s Deamocrasaidh
ann an Alba agus san RA ann an
nuadh-eòlas tha cuid de na prìomh
thopaigean air an còmhdach.
Ann an leabhraichean Hodder tha
geàrr-chunntas goirid de gach
cuspair ’s an uair sin earrann
uile-chùiseach airson gach
caibideil.
A bharrachd air an seo tha
fiosrachadh mun sgeama ceartachaidh
– a’ gabhail a-steach mar a tha
comharran air an roinn – taic
ionnsachaidh agus stiùireadh nas
mionaidaiche airson gach
topaig.